O Nighean Donn nan Gobhar
de Mary Jane Lamond
Ged a tha mi 'nochd 's a'chòisridh
Maille ri fleasgaichean bòsdail
'S nionagan cho rìomhach, spòrsail
Le sìoda 's le sròl a' danns'
Ó nighean donn nan gobhar
É nighean donn nan gobhar
Trom m' inntinn 'is mi nad dheoghaigh
Bòidheach, laghach, mo nighean donn
Nionagan cho rìomhach stràiceil
'S beag a chuir mi dh'ùigh 'n an àbhachd
'S mòr gu'm b'annsa leam bhi mànran
Riut, a ghràidh, air sgàth an tùim
'S mór gu'm b'annsa leam bhi 'sùgradh
Leis an nìonag chaoin-ghil, chùil-duibh
Anns an doire, goir an smùdan
Bun an stùic air ùrlar glinn
'S ann leam fhìn bu bhinne chòisridh
Anns a' mhadainn chéitein, cheòthar
Uiseagan os cionn nan lòintean
Smeòraichean air meòir 's a' choill
Siod an ceol bu bhinne chualas
Luinneag foil aig bannal ghruagach
Ag iomain a'chruidh-laoigh do'n bhuaile
Cuach a's buarach air an druim
Lasgadh mo chridhe le gràdh dhuit
'Nuair a nochdadh tu air fàireadh
'S tu cho geal ri cobhar sàile
'Tighinn gu tràigh air bhàrr na tuinn
Más canciones de Mary Jane Lamond
-
A Mhorag 's na Horo Gheallaidh
Lan Duil
-
Angus Blaise
Seinn
-
Bog o'Lochain
Suas e!
-
Boise Monster
Seinn
-
Cumha Aoghnuis
Storas
-
Domhnall mac 'ic lain
Suas e!
-
E Horo
Suas e!
-
Faill ill o ro
Lan Duil
-
Hi ri him bo
Suas e!
-
-
-
Keeping up with Calum
Seinn
-
lu o ra hiu o (Margaret's Song)
Suas e!
-
Mairi Bhan Dhail an Eas
Storas
-
-
Mo Nighean Donn as Bòidhche
Storas
-
-
-
Oran a'Phiognaig
Òrain Ghàidhlig (Gaelic Songs of Cape Breton)
-