O thoir a nall am botul
de Cliar
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nuair sheallas mi t' aodainn 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
On a thug thu dhomh gealladh 's ann duit-sa nach aireach
'S chan fhaic iad thu 'n ath-bhliadhn' ad bhanarach bhò
(Sèist)
Cha taobh i fear idir air eagal mo thrioblaid
'S cha toilich tè mise ach ise le deòin
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i ribhinn a' bhaile tha sìor thighinn air m' aire
Nam bi rachadh mar rium cha d' fharraid mi stòr
(Sèist)
'S i nighean mo ghaoil
Bheir mis' thu Dhùin Eideann a dh'ionnsachadh Beurla
'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S tu thogadh mo spioraid nuair a thèid thu air mhireadh
Le d' cheilearabh binne 's le grinneas do bheòil
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Leis na gabh mi de cheist ort am madainn 's am feasgar
Gun dèanainn riut cleasachd is beadeadh gu leòr
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Dhèanainn dhut furan am bliadhna 's an-uiridh
Bu docha na 'n t-uireasbhuidh tuilleadh sa chòrr
(Sèist)
Más canciones de Cliar
-
A chailin mhaiseach dhonn
Gun Tàmh
-
Am buachaille bàn
Gun Tàmh
-
An gille dubh ciar dubh
Gun Tàmh
-
-
Cearcall a' Chuain
Celtic Visions
-
Dòmhnall an Dùin
Gun Tàmh
-
-
Nighean donn a' chuailein rìomhaich
Gun Tàmh
-
Puirt a beul
Gun Tàmh
-
Shona Macdonald
Gun Tàmh
-
-